Dreuchdan bàna

Dreuchdan bàna

Read in English / Leugh ann am Beurla

Fiosrachadh feumail

Ath-stiùiridh an ceangal gu h-àrd thu dhan duilleig trusaidh againn. Airson gach dreuchd bàn fhaicinn, tagh “View all jobs” an sin.

Airson barrachd fiosrachaidh mu phròiseas nan tagraidhean, leugh an treòir againn mu thagraidhean obrach.

Feumaidh tu na teamplaidean a leanas a choileanadh mar phàirt dhen tagradh:

Am pròiseas taghaidh

Bheir sinn ciad sùil air na cunntasan-beatha ’s na h-aithrisean taice an comas ris na riatanasan àraidh aig an dreuchd bàn a chaidh a shanasachd.

Gheibh na daoine a bha soirbheachail sa chiad cheum sin cuireadh gu agallamh.

Dh’fhaodadh gun iarrar ort dùbhlain taghaidh eile a choileanadh, can deuchainn shaidhg-mheatrach a rèir an dreuchd, no taisbeanadh a thoirt seachad, deasbad air cuspair a dhèanamh no obair deasg air choireigin. Cuiridh sinn fiosrachadh mu obraichean a bharrachd mar sin gu na tagraichean ro cheann-latha an agallaimh.

Ann an suidheachaidhean àraidh, dh’fhaodadh gun dèanar na h-agallamhan air loidhne tro cho-labhairt bhidio.

Tèarainteachd

Feumaidh gach tagraiche soirbheachail co-dhiù bun-fhoillseachadh tèarainteachd a rèir slatan-tomhais na tèarainteachd bunasaich againn. Airson barrachd fiosrachaidh mun phròiseas fhoillseachaidh, tadhail air Disclosure Scotland. 

Cead-slàinte

Feumaidh gach tagraiche soirbheachail ceisteachan slàinte a lìonadh agus nì an solaraiche slàinte dreuchdail againn lèirmheas air an uair sin.

Ion-roghnachd obrach

Tha NàdarAlba a’ cur fàilte air tagraidhean o dhaoine ge be cò às a tha iad. Bu chòir do dhuine sam bith a tha airson tagradh a chur a-steach thugainn dearbhadh gu bheil cead aca obair a dhèanamh san RA.

Saoranaich EEA a fhuair inbhe fo Sgeama Tuineachaidh an Aonaidh Eòrpaich (EUSS)

Bhon Iuchar 2021, feumaidh mòran saoranaich an EEA dearbhadh gu bheil cead obrach aca, a’ cleachdadh seirbheis ‘Right to Work’ aig Oifis na Dùthcha. Chan eil ach dòigh dhidseatach ann leis an t-seirbheis air loidhne aig Oifis na Dùthcha ‘dearbh do dh’fhastaiche gu bheil cead obrach agad’ air GOV.UK airson dearbhadh gun do shoirhbich le tagradh EUSS is gu bheil cead obrach aca.

Ma fhuair saoranach an EEA ‘Staid-Chòmhnaidh’ o Oifis na Dùthcha, bidh sìor chead obrach aca, dìreach mar a tha aig daoine aig a bheil cead a-steach/fuirich gun chrìoch.

Ma fhuair saoranach an EEA ‘Ro-Staid-Chòmhnaidh’ o Oifis na Dùthcha, bidh cead obrach aca fad greis àraidh agus bidh feum air sgrùdadh a bharrachd. Innsidh seirbheis air loidhne Oifis na Dùthcha dhut ma bhios feum air sgrùdadh eile.

Mur eil thu cinnteach dè na pàipearan a dh’fheumas tu a dhearbhadh gu bheil cead obrach agad san Rìoghachd Aonaichte, cuir fios gu Buidheann Crìoch na RA air 0870 606 7766.

Ma gheibh thu cuireadh gu agallamh, iarraidh sinn ort fianais a thoirt leat.

Sanas prìobhaideachd

Mar phàirt dhen obair trusaidh aige, cruinnichidh agus làimhsichidh NàdarAlba dàta pearsanta nan daoine a chuir thugainn tagradh dreuchd. Tha NàdarAlba an dealas a bhith fosgailte mun dòigh air an cruinnich is air an cleachd sinn an dàta sin agus an t-uallach a th’ oirnn a thaobh dìon dàta a choileanadh.

Cumaidh sinn am fiosrachadh fad 2 bhliadhna on latha a thòisich an tagradh/trusadh agad agus thèid a sguabadh às na siostaman againn an uair sin mur an robh thu soirbheachail. Ma dh’iarr tagraiche oirnn am fiosrachadh aca a ghlèidheadh airson cothroman obrach san àm ri teachd, glèidhidh an siostam fiosrachadh an tagraidh agad fad 2 bhliadhna on latha a rinn thu a’ chiad tagradh.

Airson barrachd fiosrachaidh mun dòigh air an stiùirich sinn an dàta pearsanta agad, leugh sanas prìobhaideachd an trusaidh.

Cuir fios
 

People and Organisational Development

[email protected]

Blue, yellow and orange logo that reads We Are A Living Wage Employer
Disability Confident logo
Last updated: