Na nì sinn

’S e dìon is brosnachadh dualchas nàdarra na h-Alba ar dreuchd agus e a’ cur cho mòr ri soirbheachas is deagh shunnd ar dùthcha.

Read in English / Leugh ann am Beurla

Tha nàdar na h-Alba am measg nam maoinean as motha againn. Tha nàdar a’ toirt dhuinn biadh is uisge-òil, cumhachd is fiodh. Tha e a’ cur ri àrainneachd ghlan is fhallain. Agus tha e a’ toirt piseach air ar deagh shunnd is càileachd ar beatha.

Ach leis an ro-chaitheamh a thàinig air na goireasan nàdarra againn bho na 1950an – gu sònraichte an cois sheòrsaichean àraidh de dh’àiteachas, coilltearachd is iasgach – tha nas lugha a dh’àite aig nàdar is na buannachdan a thig na chois.

’S e NàdarAlba am prìomh bhuidheann poblach a bheir comhairle do Mhinistearan na h-Alba a thaobh cuspair sam bith a bhuineas dhan dualchas nàdarra.

’S iad seo na h-amasan againn:

  • an dualchas nàdarra againn a bhrosnachadh, a leasachadh agus a chùram a ghabhail
  • taic a chumail ri daoine ach an gabh iad tlachd san nàdar air dòighean cùramach
  • tuigse nas fheàrr air nàdar a thoirt do dhaoine is barrachd aire a tharraing dha
  • cleachdadh so-sheasmhach de dhualchas nàdarra na h-Alba a bhrosnachadh

Cuideachd bheir sinn comhairle do dh’ùghdarrasan ionadail agus nì sinn obair le Pàrlamaid na h-Alba is buidhnean poblach, prìobhaideach agus saor-thoileach a dh’ionnsaigh co-amasan againn uile. Tha obair èifeachdach na pàirt dhen dealas againn do lìbhrigeadh de sheirbheis phoblach fhìor mhath.

Faigh barrachd fiosrachaidh mun dòigh air an dèan sinn planaichean airson na prìomhachasan againn a thoirt gu buil.

Ar lèirsinn

“Tha daoine measail air maoinean nàdarra na h-Alba a chionn ’s gu bheil buannachdan nan cois dhuinn uile ’s iad gar beathachadh is a’ toirt piseach air ar n-eaconamaidh, slàinte, dòighean-beatha is cultar.”

This video introduces NatureScot's rebranding style and highlights some of the work undertaken by the organisation, particularly regarding Nature Based Solutions and the contribution these solutions can make towards Scotland's Green Recovery (subtitled).
Duration
03:21

Ar ceann-uidhe

“’S e NàdarAlba am prìomh bhuidheann ann an Alba a tha airson brosnachadh, dìorras is buaidh a thoirt dhuinn ach an cuir sinn gu feum na goireasan nàdarra againn air dòigh sho-sheasmhach.”

Am foir-shealladh

Tha ar n-obair a’ cur ri adhbhar aig Riaghaltas na h-Alba a tha airson “dùthaich nas soirbheachaile a chruthachadh, le cothroman beartachaidh do dh’Alba air fad le bhith a’ brosnachadh fàs eaconamach so-sheasmhach.”

Tha dreuchd cudromach aig calpa nàdarra na h-Alba ann a bhith:

  • a’ cur taic ri fàs eaconamach
  • a’ toirt piseach air slàinte agus deagh shunnd
  • a’ lùghdachadh sgaoilidhean gasaichean taighe-ghlainne is a’ toirt cothrom dhuinn freagairt air atharrachadh na gnàth-shìde
  • a’ neartachadh choimhearsnachdan

An tuilleadh fiosrachaidh

Last updated: