Maoineachadh luach £5m airson turasachd sa Ghàidhealtachd is na h-Eileanan

28 Dùbhlachd 2019
English version

Thèid maoineachadh ERDF (Maoin Leasachaidh Roinneil na h-Eòrpa/European Regional Development Fund) luach £5 millean a roinn eadar naoi pròiseactan anns a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan, airson àrainneachd, fiadh-bheatha is cultar na Gàidhealtachd is nan Eilean a bhrosnachadh, a-rèir Rùnaire na Turasachd is a’ Chultair, Fiona Hyslop.

Chaidh am maoineachadh a thabhann tron Mhaoin Dualchais Nàdarra is Chultarail, a th’ air a lìbhrigeadh le Dualchas Nàdair na h-Alba/NatureScot. Dh’fhoillsich a’ Bh.-uas. Hyslop fios mun mhaoineachadh an dèidh dhi tadhal air Wildlife Watch Obar Neithich.

Tha am pròiseact air còrr is £252,000 fhaighinn bhon Mhaoin Dualchais Nàdarra is Chultarail, thèid trì dreuchdan ùra ionadail a chruthachadh agus thèid an seusan fosglaidh a dhèanamh nas fhaide is tursan an luchd-tadhail a thoirt am feabhas aig Loch Ghartain gus an urrainn do bharrachd dhaoine tlachd fhaighinn às an tèarmann nàdair is barrachd ionnsachadh mu ghlèidhteachas air a’ Mhonadh Ruadh.

Nochd an sgìre air Autumnwatch air a’ BhBC o chionn ghoirid agus tha VisitScotland air a bhith ga cur air adhart mar sàr àite airson fiadh-bheatha fhaicinn.

Cuiridh RSPB pannalan fiosrachaidh ùr an sàs aig an ionad agus air na slighean coille, thèid parcadh a leudachadh agus thèid prògram de dh’òraidean, cuairtean is gnìomhan eile a dhealbhadh.

Bidh a’ Mhaoin Dualchais Nàdarra is Chultarail a’ maoineachadh phròiseactan anns a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan a chuireas ri tursan an luchd-tadhail a thig a dh’fhaicinn nàdar is cultar na sgìre.

Gheibh iomadh àite air slighe ainmeil North Coast 500 buannachd às, a leithid ionad turasachd ùr agus goireasan parcaidh ùra aig Coire Shalach. Thèid Taigh-tasgaidh Shrath Nabhair an ceann a tuath Chataibh a sgeadachadh is a dhealbhadh às ùr mar phrìomh ionad turasachd na sgìre cuideachd.

Cabinet Secretary Fiona Hyslop at Loch Garten Reserve
Cabinet Secretary Fiona Hyslop
Click for a full description

©Ewen Weatherspoon/NatureScot.

Thuirt a’ Bh.-Uas. Hyslop:

“Tha turasachd na pàirt riatanach do dh’eaconamaidh na Gàidhealtachd is nan Eilean agus feumar na buannachdan sòisealta is eaconamach na lùib a sgaoileadh cho farsaing ’s a ghabhas. ’S e sin as adhbhar gu bheil mi toilichte a bhith a’ gairm nan tagraichean a shoirbhich le tabhartasan bhon Mhaoin Dualchais Nàdarra is Chultarail airson tursan an luchd-tadhail a thoirt am feabhas.

“Bidh a’ mhaoin seo a’ cruthachadh dhreuchdan agus a’ cuideachadh phròiseactan ann an sgìrean iomallach, a leithid Wildlife Watch Obar Neithich, airson an dèanamh nas tarraingiche do na milleanan de dhaoine a bhios a’ tadhal air an sgìre a h-uile bliadhna. Cuiridh àrainneachdan, nàdar is cultar iongantach an àite fàilte air luchd-tadhail ùr ann an dòigh a tha seasmhach is a bheir seachad buannachdan maireannach do choimhearsnachdan ionadail air sgàth taic Maoin Leasachaidh Roinneil na h-Eòrpa.”

Thuirt Àrd-oifigear NatureScot, Francesca Osowska: “Tha e mar phrìomhachas do NatureScot gun dearbhaich sinn gum faigh turasachd agus roinnean eile buannachd agus gun cuirear ri sàr àrainneachd na h-Alba.

"Tha nàdar is cultar ceangailte gu dlùth anns a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan agus ann an iomadh àite tha iad riatanach do dh’eaconamaidh na sgìre agus airson sluaghan, dreuchdan is sgilean ionadail a ghleidheadh. Thèid aig na naoi pròiseactan ùr-ghnàthach seo buannachdan mòra a thoirt do choimhearsnachdan ionadail fad iomadh bliadhna ri teachd agus barrachd a thoirt seachad gus am faigh luchd-tadhail barrachd tlachd às na ceàrnaidhean iongantach seo de dh’Alba.”

Thuirt an t-Àrd-mhanaidsear Làraich aig tèarmann nàdair RSPB Obar Neithich, Uwe Stoneman:

“Tha Loch Ghartain air a bhith aig teis-meadhan turasachd is nàdair anns a’ Ghàidhealtachd fad 60 bliadhna. Tha sinn taingeil airson a’ mhaoineachaidh seo a leigeas linn cumail oirnn a’ taisbeanadh cudromachd na coille sònraichte seo agus eachdraidh nan iolairean-uisge fad iomadh bliadhna ri teachd. Bheir seo buannachd don choimhearsnachd ionadail agus cuiridh e ri turasachd ann am Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh agus san sgìre mun cuairt oirnn.”

Tha na leanas am measg nam pròiseactan a fhuair taic:

Colaiste Taobh Siar na Gàidhealtachd UHI – The Coast that Shaped the World (£350,371) – Bidh am pròiseact seo a’ leasachadh làrach-lìn, app agus prògram de thaisbeanaidhean didseatach thar taobh siar na h-Alba. Bidh sgeulachdan nan coimhearsnachdan cladaich ag innse mar a chuir dualchas cultarail is nàdarra na mara ri cruthachadh an t-saoghail. Thèid sgeulachdan ionadail a chruinneachadh is a chur ri mapa agus thèid làrach-lìn is app a chruthachadh airson luchd-tadhail a bhrosnachadh.

Trees for Life, Dundreggan Rewilding Centre (£714,000) – Bidh am pròiseact seo a’ cruthachadh ionad far an ionnsaich daoine ann an seann choille-ghiuthais agus coille-aitinn àraid mu eachdraidh na Gàidhlig agus ath-fhiadhachadh. Bidh mìneachadh ann air dualchas nàdarra Dhùn Dreagain, com-pàirteachadh ann an cultar nan Gàidheal, cluich sa choille, slighean so-ruigsinneach, ionnsachadh, tachartasan a-muigh agus rannsachadh is leasachadh air an dualchas nàdarra.

Urras Nàiseanta na h-Alba, Corrieshalloch Gorge Gateway to Nature (£923,000) – Cuiridh ionad-turais ùr fàilte air daoine a-steach gu Coire Shalach agus Easan na Miasaich. Thèid goireasan parcaidh a thoirt am feabhas agus thèid frith-rathaidean ùra le comharran-stiùiridh is soidhnichean a dhèanamh.

Colaiste a’ Chaisteil UHI, UVAP - Uibhist Virtual Archaeology Project (£271,000) – Bidh am pròiseact seo a’ cruthachadh sreath de thaisbeanaidhean fìorachd-leasaichte (AR) agus meadhanan measgaichte airson seachd làraichean arc-eòlach air Slighe Innse Gall.

NW Mull Community Woodland Company, Stòras Ulbha (£813,000) – Pròiseact Dualchais Ulbha – Thèid Taigh Ulbha a ghleidheadh agus ath-dhealbhadh mar ionad turais. Bidh pròiseact rannsachaidh le Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean a’ rannsachadh eachdraidh muinntir Ulbha agus na buaidh a bh’ aca air an t-saoghal mhòr. Thèid làrach-lìn a dhèanamh, thèid Gàrradh Taigh Ulbha ath-stèidheachadh le saor-thoilich agus thèid flat fèin-frithealaidh a dhealbhadh cuideachd.

Kilmartin Museum Company Ltd, leudachadh is leasachadh Taigh-tasgaidh Chill Mhàrtainn (£700,000) – Thèid Taigh-tasgaidh Chill Mhàrtainn a leasachadh mar sàr ionad tadhail is ionnsachaidh le bhith a’ dealbhadh nan togalaichean às ùr agus a’ gan leudachadh. Bidh bùth ùr, raon-chàraichean a bharrachd agus sanasan fiosrachaidh a-muigh is didseatach am measg nan goireasan turais ùra.

Taigh-tasgaidh Shrath Nabhair (£650,000) – Thèid Taigh-tasgaidh Shrath Nabhair a sgeadachadh is a dhealbhadh às ùr mar ionad dualchais do thaobh tuath na h-Alba. Thèid staid na h-eaglais eachdraidheil, far a bheil an taigh-tasgaidh an-dràsta, a thoirt am feabhas; thèid obair choimhearsnachd a leudachadh anns an sgìre; thèid barrachd sheirbheisean a thabhann air an làraich; thèid àireamh an luchd-obrach am meud; agus thèid seasamh an taigh-tasgaidh a dhaingneachadh agus a’ bhuidheann fhàgail seasmhach le bhith a’ toirt àiteachan reic is rannsachaidh am feabhas.

Access to Orkney Heritage (£273,420) – Thèid slighean a-steach gu làraichean eachdraidheil air feadh nan eileanan beaga ann an Arcaibh a thoirt am feabhas an lùib a’ phròiseict seo le Comhairle Arcaibh. Thèid sanasan mìneachaidh a leasachadh agus slighean a dhealbhadh airson blasad de na prìomh làraichean anns gach eilean a thaisbeanadh.

’S ann bho phrògram Maoin Leasachaidh Roinneil na h-Eòrpa aig Riaghaltas na h-Alba a bhios Mhaoin Dualchais Nàdarra is Chultarail a’ faighinn a cuid maoineachaidh agus maoineachadh co-ionnan a’ tighinn bho thùsan eile a leithid urrasan carthannach, maoineachaidh on roinn phoblaich is shaor-thoilich agus maoineachadh gu lèir de chòrr is £7 millean ann.

Contact