NàdarAlba a’ togail air soirbheas leis a’ Phlana Ghàidhlig às ùire aige

Tha NàdarAlba air am Plana Gàidhlig às ùire aige fhoillseachadh an-diugh, a’ cur an cèill dleastanasan na buidhne airson an ath-chòig bliadhna.

Leugh ann am Beurla / Read in English

16 Lùnastal 2022

NàdarAlba a’ togail air soirbheas leis a’ Phlana Ghàidhlig às ùire aige

Tha NàdarAlba air am Plana Gàidhlig às ùire aige fhoillseachadh an-diugh, a’ cur an cèill dleastanasan na buidhne airson an ath-chòig bliadhna.

Tha an treas eagran den phlana chànain a’ togail air soirbheas NàdarAlba thuige seo le leasachadh, adhartachadh is cleachdadh na Gàidhlig. Am measg nan amasan ùra aige bidh barrachd Gàidhlig an cois obair aig ìre na coimhearsnachd air atharrachadh na gnàth-shìde is call bith-iomadachd; gealltanas gun tèid tuigse air an àrainneachd nàdarra tro shùilean nan Gàidheal a leudachadh is a ghleidheadh; agus gun tèid aire a thogail mu bhuannachdan  na Gàidhlig ann an dreuchdan nàdair a bhios a dhìth sa ghluasad gu cothromachadh carboin.

Thuirt Àrd-oifigear NàdarAlba, Francesca Osowska:

“Tha a’ Ghàidhlig na pàirt bhunaiteach den chultar againn, agus tha sinn dealasach do dh’inbhe a’ chànain a leasachadh is cothroman cleachdaidh a chruthachadh.

“Bidh a’ Ghàidhlig a’ toirt sàr shealladh dhuinn air an dàimh eadar daoine, an tìr is nàdar. Tha sinn airson an dòigh-smaoineachaidh seo air cudrom nàdair adhartachadh, cho math ri bhith a’ brosnachadh luchd-labhairt na Gàidhlig aig a h-uile ìre chomais an cànan a chleachdadh nas trice ann an conaltradh ri NàdarAlba. Tha am Plana Gàidhlig ùr againn a’ sònrachadh ar dealais dha seo agus tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bhith ag obair còmhla ri com-pàirtichean airson an tuilleadh a choileanadh sna bliadhnaichean ri teachd.”

Thuirt Ceannard Bòrd na Gàidhlig, Shona NicIllinnein:

“Tha deagh aithne air an iomadh cheangal eadar nàdar, an àrainneachd, an tìr is a’ Ghàidhlig. Tha sinn a’ cur fàilte air gealltanasan NàdarAlba airson a’ Ghàidhlig a leudachadh an cois na h-obrach cudromaich a nì iad thairis air an ath-chòig bliadhna.

“'S e amas a’ Phlana Chànain Nàiseanta gun tèid a’ Ghàidhlig a chleachdadh nas trice, le barrachd dhaoine is ann am barrachd shuidheachaidhean. Tha càirdeas gu math nàdarra ann airson a’ Ghàidhlig a chleachdadh an cois lùghdachadh call bith-iomadachd. ’S e dà phàirt de bheatha làitheil a th’ annta agus feumaidh iad le chèile a bhith air an neartachadh. Cuiridh am Plana seo taic ris an obair sin.”

Tha NàdarAlba air adhartas math a dhèanamh air an cànan a chur air feadh a chuid obrach. Tha eagrain nas tràithe de Phlana Gàidhlig na buidhne air inbhe a’ chànain a thogail tro shoidhnichean is foillseachaidhean dà-chànanach; cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh gu gnìomhach; agus iomadh pròiseact com-pàirteachais a chur air bhonn, nam measg tha rannsachadh airson briathrachas nàdair a leudachadh is coimiseanan cultarach le cuid de shàr luchd-ciùil traidiseanta na h-Alba.

Chaidh Plana Gàidhlig NàdarAlba ullachadh fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005.

Tha an tuilleadh fiosrachaidh air duilleag-lìn Ghàidhlig NàdarAlba.

Contact